Broadford Resized

Skye firm wins contract for new business premises

Published: 29/11/2022

A local firm has been awarded a £2.7m contract to develop eight new business units at Broadford Industrial Estate on the Isle of Skye.

Highlands and Islands Enterprise (HIE) has appointed R K Joinery (Skye) Ltd for the development, following a public tendering process.

The new units have been designed by Threesixty Architecture to meet modern building standards, provide a range of internal flexible space options, and to maximise the efficiency of the internal areas.

Air-source heat pumps will enhance their environmental credentials and contribute towards net zero.

This project forms part of wider investment by the agency to create flexible workspaces in rural locations around the region. Broadford was selected as the initial development based on existing level of interest.

Alastair Nicolson, HIE’s area manager for Lochaber, Skye and Wester Ross, said:

“We’re delighted to be able to award this contract to R K Joinery, a Skye business, and look forward to seeing work started on site.

“There’s a lot of interest in commercial premises on the island, from both local firms looking to expand and from companies looking to create a base on Skye.

“The new units we’re developing are designed to meet different commercial activity and office space needs.”

Robert Macqueen, owner of RK Joinery, said:

“We are really pleased to be working with Highlands and Islands Enterprise to develop the business units in Broadford. We are looking forward to starting construction in December, with a completion date of December 2023, which will help meet the demand from local businesses that want to expand and stay in the area.”

Companaidh san Eilean Sgitheanach a’ faotainn cùmhnant airson togalach ùr gnothachais

Chaidh cùmhnant £2.7m a bhuileachadh air companaidh ionadail gus ochd aonadan gnothachais ùra a leasachadh ann an Oighreachd Gnìomhachais an Àth Leathainn san Eilean Sgìtheanach.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) air R K Joinery (An t-Eilean Sgìtheanach) Earranta fhastadh airson an leasachaidh, a’ leantainn pròiseas tairgseachaidh phoblach.

Tha na h-ionadan ùra air an dealbhadh le Threesixty Architecture gus ìrean togail an latha an-diugh a choileanadh, raon de roghainnean farsaingeachd sùbailte a-staigh a sholarachadh agus an èifeachdas as àirde fhaotainn bhon taobh a-staigh.

Bidh pumpaichean bun-èadhair a’ neartachadh an creideasan àrainneachdail agus a’ cur a dh’ionnsaigh neoini lom.

Tha am pròiseact seo a’ dèanamh suas pàirt de thasgadh nas fharsainge leis a’ bhuidheann gus farsaingeachdan-obrach sùbailte a chruthachadh ann an àiteachan dùthchail mu thimcheall na sgìre. Chaidh an t-Àth Leathann a thaghadh mar a’ chiad leasachadh stèidhichte air an ìre ùidhe a th’ ann.  

Thuirt Alastair MacNeacail, manaidsear sgìreil HIE ann an Loch Abar, an t-Eilean Sgìtheanach agus Taobh Siar Rois:

“Tha sinn air leth toilichte a bhith comasach air an cùmhnant a bhuileachadh do R K Joinery, gnothachas san Eilean Sgìtheanach, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri obair fhaicinn a’ tòiseachadh air an làraich.  

“Tha mòran ùidhe ann an togalaichean gnothachais a’ nochdadh air an eilean, bhon dà chuid companaidhean ionadail a’ coimhead ri leudachadh agus bho chompanaidhean a’ coimhead ri stèidh a chruthachadh dhaibh fhèin san Eilean Sgìtheanach.

“Tha na h-aonadan ùra a tha sinn a’ leasachadh air an dealbhadh gus diofar gnìomhachd choimearsalta agus feumalachd air farsaingeachdean oifis a  choileanadh.”

Thuirt Raibeart MacCuithein, sealbhadair RK Joinery:

“Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean gus na h-aonadan gnothachais san Àth Leathann a leasachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri tòiseachadh a’ togail san Dùbhlachd, le latha crìochnachaidh san Dùbhlachd 2023, a chuidicheas leis an iarrtas bho ghnothachasan ionadail a choinneachadh, a tha airson leudachadh agus fuireach san sgìre.”

Related Articles