Dundreggan Rewilding Centre Approach Visualisation

CRAOBHAN GU DEÒ

Pròiseact suaicheanta ath-fhiadhachaidh, ag ath-cheangal dhaoine ri nàdar agus a’ cruthachadh obraichean uaine.

Read in English

Tha feum aig Alba, an RA agus an t-saoghal mhòr air àite far an gabh ath-fhiadhachadh a rannsachadh, a ghabhail os làimh agus a roinn. Sin an t-adhbhar gu bheil sinn airson a’ chiad Àrainn Ath-fhiadhachaidh san t-saoghal a chruthachadh ann Dul Dreagain.
Laurelin Chuimeanach-Fhriseal, Àrainn Ath-fhiadhachaidh, Dùl Dreagain
Dundreggan

Ath-fhiadhachadh na Gàidhealtachd

Airson còrr air 25 bliadhna, tha am buidheann carthannais Trees for Life (Craobhan gu Deò) air a bhith ag obair gus a’ Ghàidhealtachd ath-fhiadhachadh.  

Tha an carthannas ag ath-stèidheachadh na coille Chailleannaich ann an Gleann Afraig agus oighreachd Dhùl Dreagain de 10,000 acair ann an Gleann Moireastain, far a bheil iad a’ fàs nam mìltean de chraobhan dùthchasach bho shìol gach bliadhna. Ag obair còmhla ri uachdarain agus coimhearsnachdan ionadail, tha Craobhan gu Deò a’ meudachadh na h-obrach seo còmhla ri iomairt ùr na Gàidhealtachd ann an Gleann Afraig.

An ath-bhliadhna, bidh Craobhan gu Deò a’ fosgladh a’ chiad Àrainn Ath-Fhiadhachaidh air an t-saoghal aig Dùl Dreagain, far a bheil ath-fhiadhachadh air a bhith a’ gabhail àite  bho 2008. Bidh an t-ionad dualchais nàdarra ioma-mhilleanan seo na bhealach gu cruth-tìre fhiadhaich na h-oighreachd, a’ ceadachadh do luchd-tadhail eòlas a chur air ath-fhiadhachadh ann an gnìomh, slighean is frith-rathaidean ruigsinneach a rùrach agus barrachd  ionnsachadh mu fhiadh-bheatha, cultar agus dualchas ionadail. Bidh an t-ionad cuideachd a’ tabhann cafaidh, clasruman agus àite airson raon farsaing de thachartasan, ghnìomhachdan agus eòlasan uile-tharraingeach.

artist impression of rewilding centre

MAOINEACHADH OBRAICHEAN UAINE AIRSON ÀRAINN ATH-FHIADHACHAIDH DHÙL DREAGAIN

Tha Maoin Obraichean Uaine HIE air £234,554 a bhuileachadh a dh’ionnsaigh chosgaisean calpa a tha an lùib togalach an ionaid a stèidheachadh agus na h-obraichean eile co-cheangailte ris. 

Bidh an t-ionad a’ tabhann eòlasan cleasachail agus foghlaim do dhaoine de gach aois agus dualchas gus tlachd a ghabhail às a’ chruth-tìre nàdarra. Thathar a’ sùileachadh gun cruthaich an t-ionad suas ri 20 obair ùr uaine dùthchail co-ionann ri làn-ùine, a thuilleadh air na 8.7 a tha mar-thà aig Dùl Dreagain.

Bidh taisbeanaidhean agus eadar-mhìneachadh san Ionad ann am Beurla agus Gàidhlig,  a’ gabhail stiùir bhrosnachail bho dhualchas shaidhbhear na coimhearsnachd ionadail agus na Gàidhealtachd san fharsaingeachd.

Maoin Calpa Obraichean Uaine

 

A thuilleadh air a bhith na àite a bheir tlachd do dhaoine, tha am pròiseact a’ cur gu cudromach ri eaconamaidh càrboin nas ìsle, bith-iomadachd leasaichte agus a’ lìbhrigeadh bhuannachdan do na coimhearsnachdan ionadail, a’ gabhail a-steach obraichean.
Carroll Buxton, Iar-Àrd-Oifigear, HIE
Tree Planter Trees For Life

BUAIDHEAN ATH-FHIADHACHAIDH NAS FHARSAINGE

Thar còrr air fichead bliadhna, tha Craobhan gu Deò air a bhith ag obair a dh’ionnsaigh ùr-ghnàthachadh a tharraing gu glèidhteachas. Faigh a-mach tuilleadh mu ath-fhiadhachadh aig Dùl Dreagain; mar a tha iad ag obair còmhla ri buidhnean eile agus leis a’ choimhearsnachd fharsaing; agus na sgilean dèanadach a tha saor-thoilich agus luchd-obrach a’ cosnadh ann an raointean mar àrach tuathanas-gàrraidh, stiùireachd air fèidh, cumail suas oighreachd agus mòran eile.

Faigh tuilleadh a-mach mu Chraobhan Fad Beatha

Can we help you?

Find out more about who we work with and how we can help.

Browse support

Browse our support services online.

How we work

Find out more about how we work with organisations and who we support.

Need help?

Get in touch if you'd like to have a chat about how we could help you.

Newsletter

Sign up for all the latest news, information on investments and development opportunities from across our region.