Do Chànan. Do Chothrom.
Tha Raonaid Chaimbeul gu bhith a' lìbhrigeadh rannsachadh ùr sa Ghàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd
Make your life easier with a MyHIE account. It’ll save you time, help you find and organise content based on your needs and interests.
Is e e ceumnaiche ann an Cruinn-eòlas agus Daon-eòlas a th’ annam às an Eilean Dubh. Tha mi air a bhith ag obair le UHI Inbhir Nis airson 18 mìosan mar àrd-òraidiche ann an Saidheansan Sòisealta, agus tha mi air a bhith an-dràsta fhèin air m’ fhastadh gus rannsachadh PhD gu tur ùr a lìbhrigeadh do HIE agus UHI.
Bidh e a’ sgrùdadh nam buannachdan sòisealta agus cànanach aig Gàidhlig agus a h-àite ann an leasachadh coimhearsnachd stèidhichte air làrach. Tha ceangal teaghlaich fada agam le Gàidhlig, oir bha Gàidhlig aig mo shean-pàrantan air gach taobh às na Hearadh. Tha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri mo mhisneachd agus m’ fhileantachd sa chànan fhàs. Bha mo cuid ionnsachaidh roimhe seo co-cheangailte ri Gàidhlig cuideachd. Bha mi fortanach gu leòr a dhol gu ruig Bhancùbhair a sgrùdadh airson mo cheum Maighstireachd dìreach ron ghalar-sgaoilte. Bha am pàipear deireannach agam a’ sgrùdadh comann-sòisealta, cultar, poilitigs agus foghlam – le cuimse air cultar Albannach, Alba agus a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.
Tha am post seo na chothrom foirfe air togail air mo ghràdh don chànan agus don chultar. Tha mi a’ coimhead air adhart ri m’ ùidh a rannsachadh a thaobh mar a tha daoine ag eadar-obrachadh leis an àrainneachd aca agus mar a tha comainn-shòisealta a’ fàs mean air mhean rè ùine. Bheir am pròiseact rannsachaidh seo cothrom mìorbhaileach dhomh air agallamhan a dhèanamh le stiùirichean coimhearsnachd agus luchd co-dhùnaidh fhad ’s a tha mi a’ tional dàta.
Gu ruige seo, tha freagairt glè dhearbhach air a thoirt dhomh a thaobh naidheachdan mun phròiseact rannsachaidh. Bheir seo cothrom seachad air a leithid de dhàta saidhbhir agus bidh a’ dèanamh sin ann an Gàidhlig dìreach mìorbhaileach.