Do Chànan. Do Chothrom.
Tha Eilidh Johnson ag innse mar a tha pàirt aig cànan na cùrsa-beatha.
Make your life easier with a MyHIE account. It’ll save you time, help you find and organise content based on your needs and interests.
Is mise Eilidh NicIain, tha mi 23 bliadhna A’ dh’aois agus ’s ann à Inbhir Pheofharain a tha mi.
Chuir mi seachad 5 bliadhna ag obair agus a’ sgrùdadh ’s an t-Eilean Sgitheanach far an do rinn mi an Cùrsa Gàidhlig agus na Meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig. Ghluais mi dhachaigh aig deireadh 2022 agus tha mi a-nis a’ fuireach ann an Inbhir Nis.
Tha mi ag obair mar neach-taic riochdachaidh aig companaidh na meadhannan, DP Digital Media. Bidh sinn a’ clàradh, gearradh agus a sgaoileadh filmichean airson iomadh diofair companaidh. Bho filmichean sanasachd gu tachartasan beò, tha measgachadh mòr ann bho latha gu latha.
Tha mi air Gàidhlig a bhruidhinn bho aois gu math òg leis gur ann à Uibhist a Deas a tha m’ athair agus tha e mar phairt mòr den cultar agam.
Tha mi uabhasach toilichte a ràdh gu bheil sinn a-nis a cleachdadh Gàidhlig san obair agam a’ toirt dhuinn barrachd cothroman filmichean eadar-dhealaichte a’ dhèanamh.
Airson an fhìrinn innse, cha bhithinn far a bheil mi gun na cothroman a tha Gàidhlig air thoirt dhomh thar na bliadhnaichean agus tha mi cho pròiseil as mo chanan.