Sgrùdadh Cùise

Taigh-staile Bheinn na Faoghla

""

Blasad Baoghlach: Taigh-staile ùr mac na braiche

Read in English

Thàinig aisling eileanach a thaobh mac na braiche a chruthachadh ann an Innse Gall, gu bith ann an 2024 leis a’ chiad bhoinneig de spiorad a’ tòiseachadh air sruthadh ann an Taigh-staile Bheinn na Faoghla. 

Ath-bheòthachadh Traidisean

Tha saothrachadh ann an Taigh-staile Bheinn na Faoghla a’ comharrachadh ath-bheòthachadh air reasabaidh a tha 130 bliadhna a dh’aois.  Dh’fhastaidh an neach-stèidheachaidh Aonghas Mac a’ Mhaoilein seirbheisean an àrd-ghrùdair, Brèanann McCarron, agus thug iad an taigh-staile gu ìre ann an togalach giollachd bhradain a bha air a dhol a-mach à cleachdadh ann an ceann a tuath Bheinn na Faoghla.   

Bha e air a dhèanamh sònraichte leis an leudachadh ann an stoidhle taigh-solais glainne, a tha na dhachaigh do phoit-dhubh chopair.
B’ e a’ chompanaidh ionadail, Na Bràithrean Mac an Aonghais, am prìomh chunnradair togail agus fhuaireadh an t-uidheam grùdaidh anns a’ Ghàidhealtachd ’s  na h-Eileanan.  

Tha an taigh-staile a’ cleachdadh eòrna a tha air fhàs air croit Aonghais agus air tuathanasan faisg air làimh, a tha air a thodharachadh le feamainn bhon chladach. Tha mòine agus fraoch às an sgìre bunaiteach don phròiseas giollachd.

Tha Taigh-staile Bheinn na Faoghla a’ coimhead ri timcheall air 350,000 liotar de dh’uisge-beatha a thoirt gu buil gach bliadhna, a’ cleachdadh thogsaidean bourbon agus searaidh airson a thoirt gu ìre.  Tha an taigh-staile a’ planadh cuideachd air sineubhar agus ruma a dhèanamh.

Bha mi a-riamh airson tilleadh agus tha gràdh mòr aig mo chèile, a tha bho thìr-mòr, air an eilean cuideachd. Tha e mìorbhaileach gu bheil an taigh-staile a’ cruthachadh chothroman ùra.
Màiri Mairead Connarty, Manaidsear, Taigh-staile Bheinn na Faoghla
""

Buaidh Coimhearsnachd

Tha obraichean sgileil agus air an deagh phàigheadh do dhaoine sa choimhearsnachd air an cruthachadh mar-thà san taigh-staile agus thathar an dùil gum bi an sgioba-obrach a’ sìor-fhàs gu timcheall air 25.  

Thuirt Aonghas: “Chan eil àite ann a tha buileach coltach ri Beinn na Faoghla agus tha sinn moiteil a bhith comasach air pàirt a ghabhail ann an cumail suas an eilein, a’ cruthachadh obraichean ùra is sgileil agus a’ toirt mac na braiche a tha a’ glacadh brìgh an àite gun choimeas seo, gu buil.”

Teisteasan uaine

Tha am pròiseas dealbhaidh agus grùdaidh a’ gabhail a-steach theicneòlasan tùsail càrboin ìosal.  

Thuirt Aonghas: “Tha sinn air leth toilichte leis an taic a tha sinn air fhaighinn bho HIE.  Tha lorg càrboin ìosal a bhith againn bunaiteach don taigh-staile seo; tha sinn air pròiseas toraidh spioraid a dhealbhadh a tha air a chumhachdachadh le tùsan cumhachd ath-nuadhachail. Ìslichidh seo mach-chur càrboin an taigh-staile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn aig fìor aghaidh gluasad gnìomhachais an uisge-bheatha air falbh bho chleachdadh air connaidhean fosail.”

Thug HIE taic de £2.8m don phròiseact, a’ daingneachadh a dhealais a thaobh leasachadh agus ùr-ghnàthachadh roinneil.

Cruthachadh obraichean ionadail agus a’ tàladh dhaoine gu tilleadh do na h-eileanan.

Dh’fhàg Màiri Mairead Connarty, aon de na buill obrach as ùire san taigh-staile, Innse Gall aig 18 bliadhna a dh’aois gus a dhol don oilthigh. An deidh PhD ann an ceimigeachd a chosnadh, lorg i i fhèin ag obair ann an Taigh-staile Bhreatainn a Tuath airson suas ri 18 bliadhna, air a fastadh an toiseach mar cheimigear agus às dèidh sin mar mhanaidsear an obair-lainn san taigh-staile gràin seo thar nan sia bliadhna mu dheireadh.

Cha b’ e ruith ach leum nuair a chaidh obair a thairgsinn dhi mar mhanaidsear. Tha i a-nis a’ gabhail mòr-thlachd às a’ chothrom gun dùil a fhuair i air a dithis mhac òg a thogail san àite far an do chuir i seachad a h-òige, an dèidh tilleadh a Bheinn na Faoghla a thòiseachadh na dreuchd ùr anns an taigh-staile san Lùnastal 2024.  
 
Thuirt Màiri Mairead: “Bha mi a-riamh airson tilleadh agus tha gràdh mòr aig mo chèile, a tha bho thìr-mòr, air an eilean cuideachd. Tha e mìorbhaileach gu bheil an taigh-staile a’ cruthachadh chothroman ùra. Tha sgioba iongantach an seo mar-thà agus tha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair còmhla riutha agus sinn a’ leantainn oirnn a’ togail a’ ghnothachais ùir bhrosnachail seo. Tha sinn fìor thoilichte gum bi ar cuid chloinne comasach air tlachd fhaighinn à òige ann am Beinn na Faoghla agus foghlam Gàidhlig, mar a fhuair mise.”

Related case studies

Read some more about who we work with.

Wee Studio Records

Keith Morrison, the owner of Wee Studio Records, established his music recording business in the Isle of Lewis in 2008.

Modular West

HIE has been supporting Modular West, based on the Isle of Barra, for a number of years. Read about their development and how they're plugging a vital gap in the Island housing market.

Benbecula Distillery

The dream of an islander to create a single malt whisky in the Outer Hebrides came to fruition in 2024 with the first spirit starting to flow at Benbecula Distillery. 

Wee Studio Records anns a' Ghàidhlig

Chuir Keith Moireasdan aig a bheil Wee Studio Records, a ghnothachas an lùib a bhith a’ clàradh ciùil, air bhonn air Eilean Leòdhais ann an 2008.

Newsletter

Sign up for all the latest news, information on investments and development opportunities from across our region.